Oideachadh/Dà clàr rèile/Gd

From OpenTTD
Jump to: navigation, search


1. Dà chlàr   2. Dà shlighe   3. Lìonra bunasach  


Oideachadh bunasach:

A' tòiseachadh
Busaichean
Rathaidean-iarainn
Plèanaichean
Earradh

Oideachadh adhartach air trèanaichean:

Dà chlàr rèile
Dà shlighe rèile
Lìonra bunasach

Oideachadh am broinn a' gheama:

In-game tutorial
Mìneachaidhean mionaideach

Dà chlàr rèile

Nise on a tha thu air a' chiad rèile agad a thogail, dh'fhaoidte gu bheil thu airson a leudachadh le barrachd thrèanaichean is chlàran.

On oideachadh roimhe, bu chòir do rathad-iarainn a bhith agad a tha coltach ris na chì thu san dealbh gu h-ìosal.

Tutorial single track-gd.png

Dà stèisean, slighe-iarainn is trèan

Tha sinn a' cleachdadh an eisimpleir seo oir tha an dà stèisean faisg gu leòr gus an cur san aon dealbh. Sa gheama agad fhèin, 's dòcha gu bheil slighe mòran nas fhaide ann, is faodaidh tu na clàran agad a chur ann air dòigh eile.

Cuir clàr eile ris

'S e an duilgheadas leis a' cho-dhealbhachd gu h-àrd nach tèid na slighean is na steiseanan a chleachdadh gu èifeachdach. Tha thu a' pàigheadh uiread dhe dh'airgid gus na slighean uile seo a ghlèidheadh is cha chleachd ach aon trèan iad! Ma nì a' mhèinn guail gual gu leòr, 's dòcha gum b' fheairrde thu trèan a bharrachd a chur ris. Nuair a bhios trèan an làthair an-còmhnaidh gus gual a luchdadh, gheibh an stèisean agad rangachadh nas fhearr is thèid barrachd dhe na nì an gnìomhachas a lìbhrigeadh dhan stèisean agadsa. Mar as motha dheth 's ann nas fhearr, nach e?

Mus urrainn dhut trèan a bharrachd a chur ris, tha rum a dhìth air san stèisean ri taobh na mèinne guail. San dòigh seo, fhad 's a bhios an dàrna trèan a' luchdadh, 's urrainn dhan trèan eile a dhol dhan stèisean-cumhachd gus dì-luchdadh is tilleadh. Nuair a bhios an trèan air tilleadh, 's urrainn dhan dàrna trèan a dhol ann is dì-luchdadh fhad 's a bhios an trèan eile a' luchdadh a-rithist.

Bu chòir do chuimhne a bhith agad air mar a thogas tu stèisean is rathad-iarainn. Siuthad, tog clàr eile ri taobh a' chlàir tùsail aig an stèisean ri taobh na mèinne guail. Cho fad 's a bhios an clàr ùr ri taobh an stèisein tùsail, thèid a chur ris an stèisean seo. Cuideachd, tog slighe gus an clàr ùr a cheangal ris an rathad-iarainn a tha ann. Nuair a nì thu seo, dèan cinnteach gu bheil pìos dìreach air beulaibh gach clàir oir bidh an rum seo a dhìth oirnn nas fhaide air adhart gus comharran a thogail orra. Dèan cinnteach gun gabh an dà chlàr a ruigsinn on trèan-lann. Faodaidh tu an trèan-lann tùsail a spreadhadh leis an inneal “boma” ma tha i san rathad is tè ùr a thogail àiteigin eile.

Cur comharran ris

Mur urrainn dhut an trèan eile a chur gu dol, feumaidh tu dèanamh cinnteach nach buail e ris an dàrna trèan. 'S e na comharran a chumas trèanaichean o bhualadh ri chèile, mar sin tha feadhainn dhiubh a dhìth oirnn.

Briog air a' phutan Place signal.png Tog comharran rèile air bàr-inneil togail rathad-iarainn. Fosglaidh seo am bàr-inneil Roghainn nan comharran.

Tha sia seòrsaichean dhe chomharran ann an OpenTTD. Gu fortanach, cha leig thu leas ach dà dhiubh a chleachdadh mar as trice. Canar comharran slighe ris na comharran seo is tha iad as fhasa cleachdadh. Faodaidh tu na ceithir seòrsaichean eile dhe chomharran a chur dhan dàrna taobh an-dràsta. Ma thug thu sùil air uinneag roghainn nan comharran mu thràth, 's dòcha gun do mhothaich thu gur bheil dusan putan ann seach sia a-mhàin. 'S e comharran saimeafoir a th' anns an fheadhainn air a' bharr is nì iad an rud ceudna a nì na comharran dealain aig a' bhonn. Chan eil diofar sam bith eatorra ach gun toir na saimeaforan dreach nas seann-nòsaich air an rathad-iarainn agad. San oideachadh seo, cha chleachd sinn ach comharran solais oir tha iad nas fhasa faicinn. Faodaidh tu cleachdadh na thogras tu sna geamannan agad.

Yapp signalgui-gd.png

Comharran slighe

Tha na comharran slighe air an taobh deas sa bhàr-inneil is chuir sinn bogsa dearg timcheall orra san dealbh seo. 'S e comharra dà-shligheach a th' anns am fear air an taobh chlì dhen dà chomharra shlighe. Faodaidh trèanaichean dol seachad air on dà thaobh ach cha toir iad suim air ach ma “chì” an draibhear beulaibh a' chomharra. 'S e comharra aon-shligheach a th' anns am fear air an taobh dheas leis a' bhàr gheal dhearg chòmhnard air. Tha an t-aon ghiùlan aige 's a tha air a sheise dà-shligheach ach nach fhaod trèanaichean a' dol seachad air ach on bheulaibh.

Tha na comharran slighe seo tapaidh oir mothaichidh iad air an t-slighe a bu toil le trèan siubhal. Nuair a theannas trèan air comharra slighe, “glèidhidh” e an t-slighe aige dhan ath-chomharra. Faodaidh trèan eile a bhith air an aon ghobhal cho fad 's nach tèid an t-slighe aige thairis air slighe a chaidh a ghlèidheadh leis an dàrna trèan. Ma dh'fheumas e dol thairis air slighe a chaidh a ghlèidheadh, feumaidh e feitheamh gus an urrainn dha fhèin slighe a ghlèidheadh. Le seo, cum d' aire air an riaghailt chudromach seo: na cuir comharra ach ann an àite far a bheil thu airson 's gum fuirich trèan ma tha seo a dhìth. Bheir sinn sùil nas mionaidiche air seo nas fhaide air adhart. Ma tha a h-uile càil a tha seo leis a' ghlèidheadh ro thoinnte dhut fhathast, cha leig thu leas ach dèanamh na chì thu sna dealbhan.

Nise, tagh an Signal Electric Path.png comharra slighe dà-shligheach. Briog air a' chiad phìos dhen t-slighe air beulaibh a' chlàir gus comharra a thogail an-siud. Dèan cinnteach gu bheil aghaidh a' chomharra an comhair an stèisein. Mur eil, briog air an leacag a-rithist gus an comharra a thionndadh. Dèan seo a-rithist airson a' chlàir eile.

Tutorial two platforms-gd.png

An dàrna chlàr le comharran slighe

A bheil comharra a dhìth ort air beulaibh na trèan-lainn? Chan eil, tha comharran am broinn trèan-lannan o thùs 's mar sin cha leig thu leas gin a thogail. 'S dòcha gun do leugh thu àite air choireigin nach eil comharran slighe a dhìth air beulaibh stèiseanan nas motha. Ged a tha seo fìor le stèiseanan cùil-dhùinte gu ìre, chan eil seo fìor le stèiseanan a shiubhlas trèanaichean troimhe. Mur eil thu eòlach air cleachdadh nan comharran ann an OpenTTD fhathast, mholamaid gun cuir thu comharran air beulaibh stèiseanan cùil-dhùinte co-dhiù. Tha coltas nas snasaile air is bidh e nas fhasa dhut an stèisean a thionndadh gu stèisean a shiubhlas trèanaichean troimhe an uairsin oir chan urrainn dhut na comharran a bhios a dhìth ach an obraich e a dhìochuimhneachadh.

Cuir trèana eile ris

Tha a h-uile rud ullamh a-nis gus an trèana eile a chur ris. Briog air an trèan-lann gus a h-uinneag fhosgladh. 'S urrainn dhut an trèan a cheannach san aon dòigh a cheannaich thu a' chiad trèan agad. Co-dhiù, ma tha thu airson trèan co-ionnan, a' gabhail a-steach nan òrduighean, briog air a' phutan Dèan lethbhreac the thrèan aig bonn uinneag na trèan-lainn. An uairsin, briog air a' chiad trèan. Thèid seise co-ionnan dheth (a' gabhail a-steach nan òrduighean) a chur san trèan-lann is cha leig thu leas ach an trèana ùr a chur gu dol.

Barrachd air sin, ma chumas tu an iuchair Control sìos air a' mheur-chlàr fhad 's a bhriogas tu air a' chiad trèan gus lethbhreac a dhèanamh dheth, bidh òrduighean co-roinnte aig an dà thrèan. Is ciall dha sin ma dh'atharraicheas tu òrduighean aig an dàrna trèan, thèid na h-òrduighean aig an trèan eile atharrachadh mar an ceudna. 'S dòcha gum bi seo feumail dhut san àm ri teachd.

Tutorial two trains-gd.png

Tha dà chlàr is dà chomharra slighe aig stèisean na mèinne

Tha dà thrèan agad air an t-aon slighe a-nis. 'S math a rinn thu! 'S dòcha gun do mhothaich thu gu bheil dath beagan nas duirche aig cuid dhe na slighean sa ghlacadh-sgrìn. Seallaidh seo dhut far an deach slighe a ghlèidheadh le trèan. Tha an roghainn seo à comas o thùs, ach 's urrainn dhut a cur an comas ma thèid thu gu Roghainnean adhartach > Eadar-aghaidh > Taisbeanadh > Seall slighean glèidhte.

Air adhart: Tog slighe eile »

Personal tools