Oideachadh/Earradh/Gd

From OpenTTD
Jump to: navigation, search


1. A' tòiseachadh   2. Busaichean   3. Trèanaichean   4. Plèanaichean   5. Earradh  

Oideachadh bunasach:

A' tòiseachadh
Busaichean
Rathaidean-iarainn
Plèanaichean
Earradh

Oideachadh adhartach air trèanaichean:

Dà chlàr rèile
Dà shlighe rèile
Lìonra bunasach

Oideachadh am broinn a' gheama:

In-game tutorial
Mìneachaidhean mionaideach

San dealachadh...

Nise, tha thu air a' chiad chompanaidh giùlain agad is slighe no dhà a stèidheachadh. Ach dè a-nis? Uill, tha seo suas riut fhèin – b' urrainn dhut cur romhad mìle seibheis bus a thogail air feadh a' mhapa. No 's dòcha gun gabh thu an cothrom gus rudeigin a thogail le coille is muileann-sàbhaidh a tha faisg oirre. Cò aige a tha fios? Cha leig thu leas ach dèanamh cinnteach gun dèan a' chompanaidh agad prothaid; 's mathaid gur tusa an Taidhcùn giùlain as motha nuair a thig am bliadhna 2050.

Na h-ath cheuman

  • Chì thu ceanglaichean dha barrachd oideachaidh a tha nas mionaidiche air an taobh deas, gu h-àraidh air trèanaichean.
  • Leugh tuairisgeul mionaideach air eadar-aghaidh a' gheama no air togail.
  • Faigh a-mach dè na seòrsaichean dhe charbadan a gheibh thu ann an OpenTTD. Thoir sùil air plèanaichean ⁊ longan.
  • Tadhail air togail rathaidean-iarainn airson barrachd aistidhean air mar a thogas tu tuilleadh 's a bharrachd shlighean no goibhlean do-chreidsinneach is barrachd stuth adhartach.
  • Leugh an leabhar-mìneachaidh ma tha fiosrachadh air dad sònraichte a dhìth ort – no feuch an dèan thu lorg air a shon.
  • Thoir sùil air an oideachadh feumail a rinn Sapphire United air Youtube - Coimhead air an t-sreath


And t-ath oideachadh: A' leudachadh an rathad-iarainn le dà clàr. »

Personal tools