Oideachadh/Busaichean/Gd

From OpenTTD
Jump to: navigation, search


1. A' tòiseachadh   2. Busaichean   3. Trèanaichean   4. Plèanaichean   5. Earradh  

Oideachadh bunasach:

A' tòiseachadh
Busaichean
Rathaidean-iarainn
Plèanaichean
Earradh

Oideachadh adhartach air trèanaichean:

Dà chlàr rèile
Dà shlighe rèile
Lìonra bunasach

Oideachadh am broinn a' gheama:

In-game tutorial
Mìneachaidhean mionaideach

A' stèidheachadh seirbheis bus

Togaidh sinn aon dhe na seòrsaichean as simplidhe dhe ghiùlan a tha ri làimh dhut; seirbheis taistealach air rathad (aithnichte mar bhus).

Lorg àite iomchaidh

Cùm putan deas na luchaige sìos is slaod an luchag gus gluasad timcheall a' mhapa. Thoir sùil a-mach airson buidheann dhe thaighean - seo baile. Chì thu ainm a' bhaile na mheadhan, ga leantainn le àireamh ann an cromagan a dh'innseas an àireamh-shluaigh dhut. Feuch an lorg thu baile sa bheil 500 a' fuireach air a char as lugha.

Baile

Baile

Tog stèisean bus

  1. Briog air a' phutan Tog rathaidean Roadcnstr.png. Nochdaidh bàr-inneil ùr le barrachd phutanan air. Cleachdaidh tu na putanan seo uile gus seirbheisean co-cheangailte ri rathaidean a thogail.
  2. Briog air a' phutan Tog stèisean bus BsStp.png. Nochdaidh an uinneag Comhair an stèisein bhus a bheir sia roghainnean dhut airson comhair an stèisein bhus agad. 'S e cinn-rathaid cùil-dhùinte a th' anns a' chiad ceithir dhiubh a thogas tu ri taobh an rathaid. 'S e stèiseanan as urrainn dhut draibheadh troimhe a th' anns an dà fhear eile a thogas tu air barr an rathaid fhèin.
Tutorial bus 2-gd.png

A' taghadh comhair is àite.

  1. Lorg leac saor ri taobh an rathaid no faisg air taighean.
  2. Briog air a' phutan airson na comhair a tha fainear dhut ach am bidh fosgladh an stèisein an comhair an rathaid.
  3. Dèan briogadh clì air an leac a tha fainear dhut gus an stèisean bus a thogail an-sin. Mothaichidh tu àireamh dhearg ag èirigh a dh'innseas dhut na chosg thu air a shon. Ma tha a' chomhair mar bu chòir, thèid an rathad a leudachadh a-steach dhan stèisean agad.
  4. Dèan an t-aon rud a-rithist is tog stèisean bus eile àiteigin eile sa bhaile.
Tutorial bus 4-gd.png

An dèidh an dà stèisean bus a thogail.

Ceannaich bus

Gu follaiseach, tha bus a dhìth ort fhathast gus taistealaich a ghiùlan o stèisean gu stèisean. Togaidh tu busaichean (is mar an ceudna airson charbadan eile) ann an garaids.

  1. Tog garaids 's tu a' briogadh air a' phutan Garaids RVDPT.png sa bhàr-inneil Tog rathaidean is lean na h-aon ceuman 's a lean thu airson an dà stèisean bus. Feuch an tog thu faisg air aon dhe na stèiseanan bus i ach coma leat an-dràsta a bheil taighean faisg orra gus nach eil.
  2. Briog air a' gharaids a tha thu air ùr-thogail. Nochdaidh clàr-taice na garaids is gheibh thu foir-shealladh air a h-uile carbad a tha a-staigh – chan eil gin an-dràsta. 'S urrainn dhuinn seo atharrachadh is ceannaichidh sinn bus!
  3. Tagh am putan Carbadan ùra aig bonn na garaids. Fosglaidh sgrìn eile, a' sealltainn dhut a h-uile carbad a tha ri làimh dhut aig an àm seo. Chì thu bus aig a' bharr air a bheil Bus rìoghail MPS.
Tutorial bus 5-gd.png

Sa gharaids...

  1. Briog air a' bhus gus a thaghadh is an uairsin briog air Ceannaich carbad. Nochdaidh uinneag carbaid ùr.
  2. Nise, tha am bus agad air a thogail is deiseil gus gabhail ri òrduighean. Chan eil feum agad air an uinneag Garaids tuilleadh aig an àm seo 's mar sin briog air an x san oisean chlì aig a' bharr.

Cuir òrduighean air a' bhus

  1. Ann an uinneag a' charbaid, briog air a' phutan Òrduighean Orders.png.
  2. Briog air a' phutan Rach gu is an uairsin air a' chiad stèisean bhus leis a' chùrsair "rach gu" shònraichte. Cuiridh seo òrdugh air liosta nan òrduighean air a' bhus; Rach gu <ainm an stèisein>.
  3. Briog air Rach gu a-rithist is cuir an dàrna stèisean agad air liosta nan òrduighean san aon dòigh. Nuair a ruigeas carbad deireadh nan òrduighean aige, tòisichidh e as ùr o bharr an liosta.
Tutorial bus 6-gd.png

A' toirt òrduighean seachad

  1. Ann an uinneag a' bhus, briog air a' bhàr-staid aig a bhonn air a bheil Na stad is fàgaidh am bus agad a' gharaids gus siubhal eadar an dà stèisean.
Tutorial bus 7-gd.png

Tha a' chiad bus agad gu bhith a' ruigsinn an stèisein bhus.

Meal do naidheachd – tha thu airson a' chiad seirbheis bus agad a stèidheachadh! Nochdaidh taistealaich aig an stèisein an ceann greis is bheir am bus agad dhan stèisean eile ceann thall a' bhaile iad. Nuair a thachras seo, chì thu àireamhan uaine ag èirigh on bhus – seo teachd a-steach dhut!

'S mathaid nach toir am bus seo prothaid mhòr dhut oir chan eil e a' siubhal ach astar goirid is cha ghabh torr thaistealach e. Feumaidh tu barrachd seirbheisean giùlain a stèidheachadh gus an teachd a-steach is an impireachd agad a thogail.


Air adhart: A' stèidheachadh rathad-iarainn »

Personal tools