Oideachadh/Dà shlighe rèile/Gd

From OpenTTD
Jump to: navigation, search


1. Dà chlàr   2. Dà shlighe   3. Lìonra bunasach  


Oideachadh bunasach:

A' tòiseachadh
Busaichean
Rathaidean-iarainn
Plèanaichean
Earradh

Oideachadh adhartach air trèanaichean:

Dà chlàr rèile
Dà shlighe rèile
Lìonra bunasach

Oideachadh am broinn a' gheama:

In-game tutorial
Mìneachaidhean mionaideach

Dà shlighe rèile

Mur eil ach aon shlighe agad eadar dà stèisean airson iomadh trèan, dh'fhaoidte gum bi aig trèan ri feitheamh ùine mhòr mus gheibh e cothrom siubhail air an t-slighe, gu h-àraidh nuair a bhios an t-slighe fada. Is adhbhar dha seo nach eil ach aon trèan ceadaichte air an aon bhloca dhe shlighean ach nach buail trèanaichean ri chèile.

Gus an duilgheadas seo fhuasgladh, tha slighe dà-fhillte a dhìth ort ach an urrainn dha thrèanaichean dol seachad air càch a chèile taobh a-muigh an stèisein. Tha dà dhòigh ann gus seo a dhèanamh: cuir taobh-rèile no dhà ris no dùblaich an t-slighe gu lèir.

Dùblaich pàirt dhen rathad-iarainn le taobh-rèile

'S e pàirt ghoirid dhen t-slighe a chaidh a dhùblachadh a th' anns an taobh-rèile is thèid ga dhìon le dà chomharra. 'S e fuasgladh saor a th' ann ach thig dàil air trèanaichean fhathast mur eil iad sioncronaichte gu leòr.

Le taobhan-rèile, tha e cudromach gu bheil iad fada gu leòr ach am bi rum gu leòr annta airson an trèan as fhaide a thèid tromhpa. On a tha na clàran againn còig leacagan a dh'fhaid, bu chòir dhan taobh-rèile a bhith còig leacagan a dh'fhaid mar an ceudna. Co-dhiù, on a tha gach comharra feumach air leacag cuideachd, feumaidh an taobh-rèile a bhith beagan nas fhaide na sin aig deireadh na sgeòil.

A thaobh nan comharran, cleachdaidh sinn Signal Electric Path One-Way.png comharran aon-shligheach. B' urrainn dhut comharran dà-shligheach a chleachdadh, ach le seo bhiodh trèan a' goid a-steach aig amannan; cuiridh comharran aon-shligheach bacadh air seo. Cuimhnich gu bheil e cudromach gum bi rum gu leòr ann ach an urrainn dha thrèan feitheamh air comharra mar a chì thu san eisimpleir gu h-ìosal.

Tutorial passing siding-gd.png

Taobh-rèile

Ma tha sligha nas fhaide agad na chì thu san eisimpleir, 's urrainn dhut iomadh taobh-rèile a chur air feadh an t-slighe. Mur foghainn seo gus a h-uile trèan agad a làimhseachadh, feumaidh tu an t-slighe gu lèir a dhùblachadh.

Dùblaich an t-slighe gu lèir

Ma tha slighe dà-fhillte agad, bidh slighe air an rathad-iarainn airson gach comhair is mar sin 's urrainn dha dèiligeadh ri tuilleadh 's a bharrachd trèan.

Is a' chiad cheum gun tog thu taobh-rèile glè fhada eadar an dà stèisean. Foghnaidh seo gus treas trèan a chur ris san aon dòigh 's a rinn thu leis an taobh-rèile nas lugha.

Tutorial three trains-gd.png

Slighe air a dùblachadh gu lèir leis an treas trèan

Obraichidh seo airson trì trèanaichean, ach gu ruige seo, chan urrainn ach aon trèan a dhol an comhair an stèisein-chumhachd is aon trèan an comhair na mèinne guail aig an aon àm. Ma tha slighe fhada agad, bidh thu airson barrachd thrèanaichean a chur gu dol air an aon chomhair aig an aon àm. B' urrainn dhut barrachd shlighean co-shìnte a chur ris, ach tha e nas èifeachdaiche (is nas saoire) comharran a chleachdadh an-seo.

'S e seo na nì sinn: cuiridh sinn barrachd chomharran ris. Chan eil e gu diofar an cleachd thu comharran aon- no dà-shligheach, ach on nach eil gliocas nan comharran aon-shligheach a dhìth oirnn air a' phàirt dhen t-slighe aig nach eil goibhlean, foghnaidh gun cleachd sinn an seòrsa as bunasaiche dhe chomharra. Seo an comharra bloca bunasach is gheibh thu air an taobh chlì dhe bhàr-inneil roghainn nan comharran e: Signal Electric.png.

Chan eil an t-astar eadar nan comharran gu diofar le seo. Ma tha thu airson dreach fìrinneach a chur air, tagh faide nan trèanaichean mar an astar as lugha. Ma tha thu airson 's gun tig trèanaichean nas fhaisge air a chèile, cuir na comharran dlùth ri chèile. Anns gach uile dòigh, thoir an aire nach cuir thu comharra ann ach far a bheil thu airson 's gum fuirich trèana! San eisimpleir againn, feumaidh tu cunntadh còig leacagan bho gach gobhal is an comharra a chur air an t-siathamh leacag. San dòigh seo, cha bhac trèana a dh'fhuiricheas aig a' chomharra an gobhal!

Tagh an comharra a tha thu airson togail is briog air an leacag far a bheil thu airson an comharra a chur. Tha na comharran bloca da-shlìgheach o thùs. Briog air an leacag leis a' chomharra a-rithist (leis an inneal-comharra an gnìomh) gus comharra aon-shligheach a dhèanamh dheth. Briog air turas eile gus a dhèanamh aon-sligheach air a' chomhair eile. Chan urrainn dha thrèana dol seachad air comharra bloca bunasach aon-sligheach on taobh eile. 'S dòcha nach eil seo uabhasach soilleir o grafaigeachd nan comharran an toiseach. Co-dhiù, tha na comharran bloca is seallaidh iad dreach uaine nuair nach eil trèan ann. Tha na comharran slighe nas àirde is bidh iad dearg mus glèidh trèana slighe tromhpa. Ma tha seo ro thoinnte dhut, na chleachd ach comharran slighe is lean air na h-aon riaghailtean mu far an cuir thu iad.

Tutorial intermediate signals-gd.png

Slighe dà-fhillte le comharran meadhanach. Chaidh comharran slighe a chleachdadh an-seo

An do thuig thu seo? Taghta! San eisimpleir seo, tha rum ann airson sia trèanaichean (ged a dh'obraicheas ceithir trèanaichean mòran nas fhearr; nach fheuch thu fhèin ris?). Tha slighe againn air a shiubhlas na trèanaichean an comhair an stèisein-chumhachd is slighe eile air a thilleas na trèanaichean dhan mhèinn ghuail. Roinnidh na comharran an t-slighe ann an iomadh earrann gus barrachd thrèanaichean a cheadachadh.

Tog clàr eile eile

Thog sinn clàr eile aig a' mhèinn ghuail, ach ma tha cus trafaig ann, bu mhiann leat clàr eile aig an stèisean-chumhachd cuideachd. Obraichidh e san aon dòigh 's a thog thu an dàrna chlàr aig a' mhèinn is tha sinn cinnteach gu bheil thu comasach gu leòr gus seo a thogail gun mhìneachadh bhuainn a-nis.

Tutorial two platforms both ends-gd.png

Clàr eile aig an stèisean-chumhachd

Ma tha astar mòran nas fhaide eadar an dà stèisean agad, b' fheairrde thu trèan-lann eile a thogail taobh eile an t-slighe. Ma bhios tu a' cluich le briseadh charbadan an comas, bheir seo cothrom eile dha na trèanaichean gus obair-càraidh fhaighinn is bidh nas lugha dhe bhrisidhean agad.


Air adhart: Tog lìonra bunasach »

Personal tools