OpenTTD's Wiki

Fàilte dhan Uici aig OpenTTD

Seo leabhar-mìneachaidh is treòir leasachaidh airson an luchd-cleachdaidh is luchd-leasachaidh aig an tionndadh open source aig Transport Tycoon Deluxe (en) a tha ga dheasachadh leis an luchd-cleachdaidh fhèin.

/File/en/Manual/OpenttdManual.png
Leabhar-mìneachaidh

San leabhar-mìneachaidh, gheibh thu fiosrachadh mionaideach air mar a chluicheas tu an geama. Mur eil thu eòlach air a' gheama fhathast, seallaidh an t-Oideachadh dhut mar a stèidhicheas tu a' chiad shlighe giùlain agad is mar a leudaicheas tu an lìonra giùlain agad an uairsin.

Ma tha thu air Transport Tycoon a chluich roimhe, b' fheairrde thu comparison of OpenTTD and Transport Tycoon Deluxe a leughadh gus faighinn a-mach na dh'atharraich. Ma tha thu air TTDPatch (en) a chluich sa bheil leasachadh no dhà a tha co-ionnan ri na rinn sinn airson OpenTTD, tha Comparison of OpenTTD and TTDPatch features (en) againn cuideachd.

Mu dheireadh thall, airson ceistean coitcheann, thoir sùil air na ceistean àbhaisteach (Beurla).

/File/en/Development/Code.png
Leasachadh

San earrann seo, gheibh thu gach uile fiosrachadh mu leasachadh OpenTTD nach eil co-cheangailte ri grafaigeachd. Mura rinn thu leasachadh roimhe, bu chòir dhut freagairt fhaighinn dhan a h-uile ceist agad leis na ceistean Àbhaisteach (Beurla). An uairsin, 's urrainn dhut leantainn air adhart dhan leasachadh (Beurla) làithreach no cuideachadh a thoirt dhuinn leis an eadar-theangachadh (Beurla) ma thogras tu.

'S urrainn dhut sùil a thoirt air an changelog is an roinn development air a' bhòrd-bhrath no pàirt a ghabhail san t-seanail IRC againn ma tha ùidh agad sna tha ùr sa phròiseact.

Chruinnich sinn cuideachd liosta dhe na feartan a bu toil leinn ma tha ùidh agad ann am patches a phrògramachadh airson OpenTTD fhèin.

/File/en/Community/Graphics.png
Leasachadh grafaigeachd

'S ann san roinn grafaigeachd a dh'obraicheas luchd-ealain is prògramaichean einnsein NewGFX is luchd-leasachaidh grafaigeachd eile còmhla gus grafaigeachd a leasachadh. Faigh a-mach mu na tha ùr sa ghrafaigeachd bhunasach, sna NewGrfs (an dà chuid 8bpp is 32bpp) is a bharrachd. A bharrachd air sin, thoir sùil air an earrann air goireasan a' chluicheadair gu h-ìosal airson barrachd ghoireasan co-cheangailte ri grafaigeachd.

A' choimhearsnachd OpenTTD

Ma tha thu airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn, airson cuideachadh a thoirt dhuinn a' sgrìobhadh an docamaideadh no barrachd taice fhaighinn le cluich a' gheama, thoir sùil air na leanas:

/File/en/EditDocs.png

Taic leis an docamaideadh

Tha an docamaideadh airson OpenTTD ga chumail is ga dheasachadh san uici seo. Tòisich air deasachadh cho luath 's a thogras tu 's tu a' faireachdainn comasach, ach leugh am Manual of Style an toiseach is cuir na nì thu fo dheuchainn sa bhogsa-ghainmhich.

Tadhail air tobar a' bhaile (Beurla) airson deasbaid mu atharraichean mòra no rudan ùra san docamaideadh no tòisich sa bhad leis na h-iarrtasan againn a chì thu sna h-iarrtasan airson aistidhean (Beurla). Cuideachd:

  • Nam bu mhiann leat aistidhean eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig, thoir sùil air an stiùireadh ann an Aistidhean sa Ghàidhlig.
  • Chan eil ach atharrachadh beag a dhìth air cuid a dh'aistidhean is tha liosta (Beurla) diubh ann. Mur am bu mhiann leat aistidhean slàna a sgrìobhadh fhathast, seo deagh dhòigh gus tòiseachadh.
  • Mu dheireadh thall, tha aistidhean ann a tha co-cheangailte ri tachartasan làithreach (Beurla) air a bheil ùrachadh a dhìth gu tric – carson nach toir thu sùil orra feuch a bheil fiosrachadh ùr a dhìth is a bheil mionaid no dhà agad?
/File/en/Manual/Help.png

A' faighinn cobharach

A bheil barrachd taice a dhìth ort nach fhaigh thu san leabhar-mìneachaidh? Feuch an tadhail thu air a' bhòrd-bhrath againn, am prìomh thùs airson taic is fiosrachadh an luchd-leasachaidh fhaighinn no gabh pàirt san t-seanail IRC againn.

/File/en/Community/PlayerResources.png

Goireasan a' chluicheadair

Seo liosta dhe ghoireasan a bhios feumail dhut is nach eil san leabhar-mhìneachaidh fhèin.