Seo leabhar-mìneachaidh is treòir leasachaidh airson an luchd-cleachdaidh is luchd-leasachaidh aig an tionndadh open source aig Transport Tycoon Deluxe (en) a tha ga dheasachadh leis an luchd-cleachdaidh fhèin.
San leabhar-mìneachaidh, gheibh thu fiosrachadh mionaideach air mar a chluicheas tu an geama. Mur eil thu eòlach air a' gheama fhathast, seallaidh an t-Oideachadh dhut mar a stèidhicheas tu a' chiad shlighe giùlain agad is mar a leudaicheas tu an lìonra giùlain agad an uairsin.
Ma tha thu air Transport Tycoon a chluich roimhe, b' fheairrde thu comparison of OpenTTD and Transport Tycoon Deluxe a leughadh gus faighinn a-mach na dh'atharraich. Ma tha thu air TTDPatch (en) a chluich sa bheil leasachadh no dhà a tha co-ionnan ri na rinn sinn airson OpenTTD, tha Comparison of OpenTTD and TTDPatch features (en) againn cuideachd.
Mu dheireadh thall, airson ceistean coitcheann, thoir sùil air na ceistean àbhaisteach (Beurla).
San earrann seo, gheibh thu gach uile fiosrachadh mu leasachadh OpenTTD nach eil co-cheangailte ri grafaigeachd. Mura rinn thu leasachadh roimhe, bu chòir dhut freagairt fhaighinn dhan a h-uile ceist agad leis na ceistean Àbhaisteach (Beurla). An uairsin, 's urrainn dhut leantainn air adhart dhan leasachadh (Beurla) làithreach no cuideachadh a thoirt dhuinn leis an eadar-theangachadh (Beurla) ma thogras tu.
'S urrainn dhut sùil a thoirt air an changelog is an roinn development air a' bhòrd-bhrath no pàirt a ghabhail san t-seanail IRC againn ma tha ùidh agad sna tha ùr sa phròiseact.
Chruinnich sinn cuideachd liosta dhe na feartan a bu toil leinn ma tha ùidh agad ann am patches a phrògramachadh airson OpenTTD fhèin.
'S ann san roinn grafaigeachd a dh'obraicheas luchd-ealain is prògramaichean einnsein NewGFX is luchd-leasachaidh grafaigeachd eile còmhla gus grafaigeachd a leasachadh. Faigh a-mach mu na tha ùr sa ghrafaigeachd bhunasach, sna NewGrfs (an dà chuid 8bpp is 32bpp) is a bharrachd. A bharrachd air sin, thoir sùil air an earrann air goireasan a' chluicheadair gu h-ìosal airson barrachd ghoireasan co-cheangailte ri grafaigeachd.
A' choimhearsnachd OpenTTD
Ma tha thu airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn, airson cuideachadh a thoirt dhuinn a' sgrìobhadh an docamaideadh no barrachd taice fhaighinn le cluich a' gheama, thoir sùil air na leanas:
Taic leis an docamaideadh
Tha an docamaideadh airson OpenTTD ga chumail is ga dheasachadh san uici seo. Tòisich air deasachadh cho luath 's a thogras tu 's tu a' faireachdainn comasach, ach leugh am Manual of Style an toiseach is cuir na nì thu fo dheuchainn sa bhogsa-ghainmhich.
Tadhail air tobar a' bhaile (Beurla) airson deasbaid mu atharraichean mòra no rudan ùra san docamaideadh no tòisich sa bhad leis na h-iarrtasan againn a chì thu sna h-iarrtasan airson aistidhean (Beurla). Cuideachd:
- Nam bu mhiann leat aistidhean eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig, thoir sùil air an stiùireadh ann an Aistidhean sa Ghàidhlig.
- Chan eil ach atharrachadh beag a dhìth air cuid a dh'aistidhean is tha liosta (Beurla) diubh ann. Mur am bu mhiann leat aistidhean slàna a sgrìobhadh fhathast, seo deagh dhòigh gus tòiseachadh.
- Cuideachd, tha aistidhean ann air a bheil barrachd obrach a dhìth mus eil iad coileanta is chì thu iad san roinn-seòrsa leudachaidh (Beurla).
- Mu dheireadh thall, tha aistidhean ann a tha co-cheangailte ri tachartasan làithreach (Beurla) air a bheil ùrachadh a dhìth gu tric – carson nach toir thu sùil orra feuch a bheil fiosrachadh ùr a dhìth is a bheil mionaid no dhà agad?
A' faighinn cobharach
A bheil barrachd taice a dhìth ort nach fhaigh thu san leabhar-mìneachaidh? Feuch an tadhail thu air a' bhòrd-bhrath againn, am prìomh thùs airson taic is fiosrachadh an luchd-leasachaidh fhaighinn no gabh pàirt san t-seanail IRC againn.
Goireasan a' chluicheadair
Seo liosta dhe ghoireasan a bhios feumail dhut is nach eil san leabhar-mhìneachaidh fhèin.