1. A' tòiseachadh | 2. Busaichean | 3. Trèanaichean | 4. Plèanaichean | 5. Earradh |
Oideachadh bunasach:
- A' tòiseachadh
- Busaichean
- Rathaidean-iarainn
- Plèanaichean
- Earradh
Oideachadh adhartach air trèanaichean:
Oideachadh am broinn a' gheama:
Togail rathaidean-iarainn:
- Building tracks (en)
- Building stations
- Building depots (en)
- Placing signals
- Buying & selling trains
- Converting railways
A' stèidheachadh slighean le plèanaichean
Thèid puirt-adhair a chleachdadh le carbadan-adhair a leithid plèanaichean is heileacoptairean airson falbh, dol air tìr, luchdadh, dì-luchdadh is obair-chàraidh. Ged a tha puirt-adhair is carbadan-adhair caran daor, tha iad furasta ri an cleachdadh oir cha leig thu leas rathaidean a thogail o phort-adhair gu port-adhair.
San oideachadh seo, ionnsaichidh tu mar a thogas tu puirt-adhair is mar a lorgas tu na h-àiteachan as fhearr air an son.
Port-adhair beag (3*4) |
Lorg àite freagarrach
(Cuimhnich: Briog is slaod le putan deas na luchaige gus gluasad timcheall a' mhapa)
Lorg buidheann de thaighean – seo baile. Chì thu ainm a' bhaile na mheadhan, ga leantainn le àireamh ann an cromagan a dh'innseas an àireamh-shluaigh dhut. Feuch an lorg thu baile sa bheil 1000 a' fuireach air a char as lugha. Tha e cudromach cuideachd gun lorg thu baile aig a bheil rum gu leòr airson port-adhair beag (3*4).
Tog port-adhair
- Briog air a' phutan puirt-adhair sa phrìomh chlàr-taice. Fosglaidh seo bàr-inneil gus puirt-adhair a thogail.
- Briog air a' phutan Tog port-adhair . Fosglaidh seo uinneag ùr air a bheil Tagh port-adhair'.
- San uinneag seo, 's urrainn dhut taghadh dè an seòrsa dhe phort-adhair a tha thu airson togail. Aig toiseach a' gheama, cha bhi ri làimh dut ach am Port-adhair beag. Bidh barrachd puirt-adhair ri am faighinn rè ùine, ach 'S e am Port-adhair beag a dh'fheumas sinn cleachdadh aig an àm seo.
- Gus àite iomchaidh a lorg airson a' phuirt-adhair, bidh e feumail ma chuireas tu an roghainn Seall raon-còmhdachaidh air.
- Ma ghluaiseas tu an cùrsa timcheall a' mhapa, seallaidh ceàrnagan geala dhut far am biodh am port-adhair. Innsidh ceàrnagan purpaidh dhut na taighean is na gnìomhachasan a chleachdadh am port-adhair. On a tha thu a' togail port-adhair do thaistealaich an-dràsta, feuch an tagh thu àite far an còmhdaich thu na ghabhas dhe thaighean le ceàrnagan purpaidh. Cha chleachd taighean taobh a-muigh nan ceàrnagan purpaidh am port-adhair agad.
- Nuair a bhios a' chiad phort-adhair agad deiseil, feumaidh tu fear eile a thogail. Nuair a lorgas tu àite airson an fhir eile, dèan cinnteach gum bi an dà phort-adhair fada gu leòr air falbh o chàch a chèile ach am faigh thu airgead. An uairsin, lean air na ceuman 1 – 5 a-rithist.
Ceannaich plèana
- Briog air togalach a' hangair sa phort-adhair far an tòisich a' chiad phlèana agad. Fosglaidh seo uinneag a' hangair.
- Briog air a' phutan Carbadan ùra taobh clì air bonn uinneag a' hangair. Bheir seo dhut uinneag nan Carbadan-adhair ùra.
- Thoir sùil air na carbadan-adhair a tha ri làimh, tagh fear is briog air a' phutan Ceannaich carbad-adhair. Nochdaidh uinneag a sheallas an carbad-adhair sa hangar. Tha am plèana comasach air taistealaich is beagan puist a ghiùlan o thùs.