1. Dà chlàr | 2. Dà shlighe | 3. Lìonra bunasach |
Oideachadh bunasach:
Oideachadh adhartach air trèanaichean:
- Dà chlàr rèile
- Dà shlighe rèile
- Lìonra bunasach
Oideachadh am broinn a' gheama:
Togail rathaidean-iarainn:
- Building tracks (en)
- Building stations
- Building depots (en)
- Placing signals
- Buying & selling trains
- Converting railways
Lìonra bunasach
Dh'ionnsaich thu mar a thogas tu ceanglaichean eadar dà stèisean a dh'obraicheas glè mhath. Is an t-ath-cheum air adhart gun cuir thu ri chèile iomadh fhear dhiubh gus a' chiad lìonra rèile agad a thogail!
Is a' bhuannachd aig lìonraidhean rèile gur urrainn dhut slighean a th' agad mu thràth a chleachdadh a-rithist airson iomadh amas. Chan eil mòran a bharrachd a dìth ort gus lìonra a chruthachadh ach barrachd shlighean a chur ris na slighean a th' agad mu thràth. Bheir sinn sùil air mar a chleachdas sinn an dà chlàr aig an stèisean-chumhachd gus mèinn guail eile a cheangal ris.
Ceangail an t-slighe
Cuir slighe ann is cuir comharran ris. Chan eil e gu diofar càite an ceangail thu ris an lìonra a th' agad, ach tha àiteachan ann a tha nas fhreagarraiche na àiteachan eile. 'S e an cleachdadh a nì bòidheach is cha leig thu leas ach ga dhèanamh gus ach an ionnsaich thu e. Tha an dàrna mèinn guail againn gu tuath, mar sin 's ann an-siud a thèid na slighean againn gu follaiseach. Tha fios agad mu thràth mar a thogas tu stèisean aig a' mhèinn guail. Dèan a rithist na rinn thu roimhe is mar an ceudna leis na comharran.
Seallaidh an dealbh gu h-ìosal dhut dòigh furasta gus ceangail ris an stèisean a tha ann mu thràth.
Tha loidhne rèile eile ceangailte ris an stèisean-chumhachd |
Thoir an aire nach eil seo cho foirfe 's a b' urrainn dha bhith. Tha e ag obair, ach dhìochuimhnich sinn nach urrainn dhan a h-uile trèan feitheamh air comharra gun a bhith a' bacadh gobhal. Smaoinich air trèana a bhios còig leacagan a dh'fhaid is a' fuireach air a' chiad comharra air an t-slighe on stèisean-chumhachd dhan mhèinn guail thùsail. Co mheud leacag a tha ann airson trèanaichean a' feitheamh orra? Tha sin ceart, air sàilleibh na slighe ùire chan eil ach ceithir leacagan air fhàgail! Bacaidh an trèan a tha còig leacagan a dh'fhaid an t-slighe dhan mhèinn guail ùr a-nis.
Mur eil cus thrèanaichean agad, cha bhi cus dàil ann air sàilleibh seo. Tha am fuasgladh cho furasta 's a ghabhas co-dhiù: gluais an comharra gu leacag eile. Gus comharra a ghluasad, feumaidh tu comharra ùr a chur ann is an seann chomharra a thoirt air falbh. B' urrainn dhut boma a chleachdadh gus an seann chomharra a thoirt air falbh, ach bheir seo an t-slighe air falbh cuideachd. Mur eil thu ach airson an comharra a thoirt air falbh, briog air a' phutan Tog comharran rèile air bàr-inneil togail rathaid-iarainn an toiseach is an uairsin air a' phutan Bulldozer. Nì seo inneal toirt air falbh dhen inneal cur chomharran. Briog air comharra gus a thoirt air falbh.
Rabhadh: Ma bheir thu comharra air falbh bho lìonraidh a tha ga chleachdadh, 's dòcha gum bi tubaist aig trèan. Ma tha thu airson a bhith sàbhailte, cuir stad air a h-uile trèan san roinn sa tha thu ag atharrachadh a' chomharra. Dèan na h-atharraichean air na comharran agad is an uairsin tòisich trèan air trèan a-rithist.
Tog drochaid
San eisimpleir roimhe, tha pìos beag dhe shlighe shingilte air an rathad dhan mhèinn guail ùr. Ma tha torr thrèanaichean agad, bidh seo na chùis dàlach.
Aon dhe na fuasglaidhean air a shon, 's ann gun cleachd thu drochaid gus an siubhal trèanaichean dhan mhèinn air an dàrna rèile is trèanaichean dhan stèisean-chumhachd air an rèile eile. Togaidh tu drochaid leis a' phutan Tog drochaid air bàr-inneil togail rathaid-iarainn. Tha aiste fa leth ann a mhìnicheas mar a thogas tu drochaid.
Faodaidh coltas dha leithid a bhith aig an toradh:
Drochaid san lìonra rèile |
'S urrainn dhut an innleachd bhunasach a dh'ionnsaich thu gu ruige seo a chleachdadh gus lìonra adhartach a thogail. Bheir an clàr-taice air an taobh deas dhut barrachd mhìneachaidhean mionaideach air iomadh chuspair. Ma chuireas tu a h-uile rud seo ri chèile is le beagan eòlais a bharrachd, 's urrainn dhut lìonraidhean gu math toinnte a thogail mar san eisimpleir gu h-ìosal.
Lìonra adhartach nach cleachd ach na dh'ionnsaich thu san oideachadh seo 's a tha mòran nas motha! |