1. A' tòiseachadh | 2. Busaichean | 3. Trèanaichean | 4. Plèanaichean | 5. Earradh |
Oideachadh bunasach:
Oideachadh adhartach air trèanaichean:
Oideachadh am broinn a' gheama:
Togail rathaidean-iarainn:
- Building tracks (en)
- Building stations
- Building depots (en)
- Placing signals
- Buying & selling trains
- Converting railways
San dealachadh...
Nise, tha thu air a' chiad chompanaidh giùlain agad is slighe no dhà a stèidheachadh. Ach dè a-nis? Uill, tha seo suas riut fhèin – b' urrainn dhut cur romhad mìle seibheis bus a thogail air feadh a' mhapa. No 's dòcha gun gabh thu an cothrom gus rudeigin a thogail le coille is muileann-sàbhaidh a tha faisg oirre. Cò aige a tha fios? Cha leig thu leas ach dèanamh cinnteach gun dèan a' chompanaidh agad prothaid; 's mathaid gur tusa an Taidhcùn giùlain as motha nuair a thig am bliadhna 2050.
Na h-ath cheuman
- Chì thu ceanglaichean dha barrachd oideachaidh a tha nas mionaidiche air an taobh deas, gu h-àraidh air trèanaichean.
- Leugh tuairisgeul mionaideach air eadar-aghaidh a' gheama no air togail.
- Faigh a-mach dè na seòrsaichean dhe charbadan a gheibh thu ann an OpenTTD. Thoir sùil air plèanaichean ⁊ longan.
- Tadhail air togail rathaidean-iarainn airson barrachd aistidhean air mar a thogas tu tuilleadh 's a bharrachd shlighean no goibhlean do-chreidsinneach is barrachd stuth adhartach.
- Leugh an leabhar-mìneachaidh ma tha fiosrachadh air dad sònraichte a dhìth ort – no feuch an dèan thu lorg air a shon.
- Thoir sùil air an oideachadh feumail a rinn Sapphire United air Youtube - Coimhead air an t-sreath
And t-ath oideachadh: A' leudachadh an rathad-iarainn le dà clàr. »