Busaichean

1. A' tòiseachadh   2. Busaichean   3. Trèanaichean   4. Plèanaichean   5. Earradh  
Oideachadh
OpenTTD

Oideachadh bunasach:

A' tòiseachadh
Busaichean
Rathaidean-iarainn
Plèanaichean
Earradh

Oideachadh adhartach air trèanaichean:

Dà chlàr rèile
Dà shlighe rèile
Lìonra bunasach

Oideachadh am broinn a' gheama:

In-game tutorial
Mìneachaidhean mionaideach

Togail rathaidean-iarainn:
Building tracks (en)
Building stations
Building depots (en)
Placing signals
Buying & selling trains
Converting railways
Togail rathaidean:
Building roads (en)
Building stations and loading bays (en)
Building depots
Buying & selling road vehicles
Togail slighean-uisge:
Building docks (en)
Building depots
Placing buoys
Buying & selling ships
Building locks and canals
Togail puirt-adhair:
Building airports (en)
Buying & selling aircraft
Togail choitcheann:
Building bridges (en)
Tunnels (en)
Landscaping (en)
Ag obair le carbadan:
Setting vehicle orders
Refitting vehicles
Replacing vehicles
Grouping vehicles

A' stèidheachadh seirbheis bus

Togaidh sinn aon dhe na seòrsaichean as simplidhe dhe ghiùlan a tha ri làimh dhut; seirbheis taistealach air rathad (aithnichte mar bhus).

Lorg àite iomchaidh

Cùm putan deas na luchaige sìos is slaod an luchag gus gluasad timcheall a' mhapa. Thoir sùil a-mach airson buidheann dhe thaighean - seo baile. Chì thu ainm a' bhaile na mheadhan, ga leantainn le àireamh ann an cromagan a dh'innseas an àireamh-shluaigh dhut. Feuch an lorg thu baile sa bheil 500 a' fuireach air a char as lugha.

Baile

Baile

Tog stèisean bus

  1. Briog air a' phutan Tog rathaidean /File/en/Manual/Roadcnstr.png. Nochdaidh bàr-inneil ùr le barrachd phutanan air. Cleachdaidh tu na putanan seo uile gus seirbheisean co-cheangailte ri rathaidean a thogail.
  2. Briog air a' phutan Tog stèisean bus /File/en/Manual/BsStp.png. Nochdaidh an uinneag Comhair an stèisein bhus a bheir sia roghainnean dhut airson comhair an stèisein bhus agad. 'S e cinn-rathaid cùil-dhùinte a th' anns a' chiad ceithir dhiubh a thogas tu ri taobh an rathaid. 'S e stèiseanan as urrainn dhut draibheadh troimhe a th' anns an dà fhear eile a thogas tu air barr an rathaid fhèin.
/File/gd/Manual/Tutorial bus 2.png

A' taghadh comhair is àite.

  1. Lorg leac saor ri taobh an rathaid no faisg air taighean.
  2. Briog air a' phutan airson na comhair a tha fainear dhut ach am bidh fosgladh an stèisein an comhair an rathaid.
  3. Dèan briogadh clì air an leac a tha fainear dhut gus an stèisean bus a thogail an-sin. Mothaichidh tu àireamh dhearg ag èirigh a dh'innseas dhut na chosg thu air a shon. Ma tha a' chomhair mar bu chòir, thèid an rathad a leudachadh a-steach dhan stèisean agad.
  4. Dèan an t-aon rud a-rithist is tog stèisean bus eile àiteigin eile sa bhaile.
/File/gd/Manual/Tutorial bus 4.png

An dèidh an dà stèisean bus a thogail.

Ceannaich bus

Gu follaiseach, tha bus a dhìth ort fhathast gus taistealaich a ghiùlan o stèisean gu stèisean. Togaidh tu busaichean (is mar an ceudna airson charbadan eile) ann an garaids.
  1. Tog garaids 's tu a' briogadh air a' phutan Garaids /File/en/Manual/Tutorial/RVDPT.png sa bhàr-inneil Tog rathaidean is lean na h-aon ceuman 's a lean thu airson an dà stèisean bus. Feuch an tog thu faisg air aon dhe na stèiseanan bus i ach coma leat an-dràsta a bheil taighean faisg orra gus nach eil.
  2. Briog air a' gharaids a tha thu air ùr-thogail. Nochdaidh clàr-taice na garaids is gheibh thu foir-shealladh air a h-uile carbad a tha a-staigh – chan eil gin an-dràsta. 'S urrainn dhuinn seo atharrachadh is ceannaichidh sinn bus!
  3. Tagh am putan Carbadan ùra aig bonn na garaids. Fosglaidh sgrìn eile, a' sealltainn dhut a h-uile carbad a tha ri làimh dhut aig an àm seo. Chì thu bus aig a' bharr air a bheil Bus rìoghail MPS.
/File/gd/Manual/Tutorial bus 5.png

Sa gharaids...

  1. Briog air a' bhus gus a thaghadh is an uairsin briog air Ceannaich carbad. Nochdaidh uinneag carbaid ùr.
  2. Nise, tha am bus agad air a thogail is deiseil gus gabhail ri òrduighean. Chan eil feum agad air an uinneag Garaids tuilleadh aig an àm seo 's mar sin briog air an x san oisean chlì aig a' bharr.

Cuir òrduighean air a' bhus

  1. Ann an uinneag a' charbaid, briog air a' phutan Òrduighean /File/en/Manual/Orders.png.
  2. Briog air a' phutan Rach gu is an uairsin air a' chiad stèisean bhus leis a' chùrsair "rach gu" shònraichte. Cuiridh seo òrdugh air liosta nan òrduighean air a' bhus; Rach gu <ainm an stèisein>.
  3. Briog air Rach gu a-rithist is cuir an dàrna stèisean agad air liosta nan òrduighean san aon dòigh. Nuair a ruigeas carbad deireadh nan òrduighean aige, tòisichidh e as ùr o bharr an liosta.
/File/gd/Manual/Tutorial bus 6.png

A' toirt òrduighean seachad

  1. Ann an uinneag a' bhus, briog air a' bhàr-staid aig a bhonn air a bheil Na stad is fàgaidh am bus agad a' gharaids gus siubhal eadar an dà stèisean.
/File/gd/Manual/Tutorial bus 7.png

Tha a' chiad bus agad gu bhith a' ruigsinn an stèisein bhus.

Meal do naidheachd – tha thu airson a' chiad seirbheis bus agad a stèidheachadh! Nochdaidh taistealaich aig an stèisein an ceann greis is bheir am bus agad dhan stèisean eile ceann thall a' bhaile iad. Nuair a thachras seo, chì thu àireamhan uaine ag èirigh on bhus – seo teachd a-steach dhut!

'S mathaid nach toir am bus seo prothaid mhòr dhut oir chan eil e a' siubhal ach astar goirid is cha ghabh torr thaistealach e. Feumaidh tu barrachd seirbheisean giùlain a stèidheachadh gus an teachd a-steach is an impireachd agad a thogail.

Air adhart: A' stèidheachadh rathad-iarainn »