1. A' tòiseachadh | 2. Busaichean | 3. Trèanaichean | 4. Plèanaichean | 5. Earradh |
Oideachadh bunasach:
- A' tòiseachadh
- Busaichean
- Rathaidean-iarainn
- Plèanaichean
- Earradh
Oideachadh adhartach air trèanaichean:
Oideachadh am broinn a' gheama:
Togail rathaidean-iarainn:
- Building tracks (en)
- Building stations
- Building depots (en)
- Placing signals
- Buying & selling trains
- Converting railways
A' stèidheachadh rathad-iarainn
Tha trèanaichean nas luaithe na carbadan-rathad is tha barrachd rum annta, ach tha iad nas cosgaile is tha barrachd planaigeadh a dhìth orra na tha air rathaidean.
Tha iomadh seòrsa dhe shreathan carago is gnìomhachais ann an OpenTTD. An rus as simplidhe is a bheir a' phrothaid as motha dhut, 's e gun giùlain thu gual o mhèinn guail gu stèisean-cumhachd agus togaidh sinn slighe air a shon a-nis. Seo video a sheallas seo dhut.
Lorg an t-slighe agad
Sgolaich mu thimcheall a' mhapa gus an lorg thu mèinn guail is stèisean-cumhachd a tha faisg air a chèile. Airson an oideachaidh seo, coma leat dè cho fad air falbh 's a tha iad o chàch a chèile, ach mar as fhaide a ghiùlaineas tu carago, 's ann as motha a' phrothaid a gheibh thu. Mar sin, ann an geama ceart, cha bu chòir dhut feadhainn a thaghadh a tha ro fhaisg air a chèile.
Stèisean-cumhachd le mèinn guail faisg air. |
Nise, tha thu air gnìomhachasan a lorg, ach feumaidh sinn dòigh a lorg fhathast gus an gual a thoirt dhan stèisean-cumhachd. Cleachdaidh sinn trèana on a bheil sinn san oideachadh air trèanaichean is barrachd air sin, tha àite annta airson torr guail annta is tha sin dhen bheachd gur e na trèanaichean a th' anns a' charbad as tlachdmhoire .
Tog stèisean-rèile
- Fosgail am bàr-inneil Tog rathad-iarainn 's tu a' briogadh air a' phutan .
- Briog ar a' phutan Tog stèisean . Nochdaidh uinneag gus stèisean a thogail. Cuimhnich gur urrainn dhut fuireach leis an luchag air barr putain sam bith gus gliocas-sgrìn fhaighinn air na nì e.
- Suidhich Àireamh dhe shlighean air aon is Faide nan clàr air trì. Bidh rum anns gach aonad airson dà charbad. Mar sin, ann an geama ceart, taghaidh tu faide nan clàr a-rèir nan trèanaichean a tha thu airson luchdadh ann. Mar eisimpleir, gabhaidh stèisean le 3 ceàrnagan a dh'fhaid ri einnsean is còig carbadan.
- Tagh a' chomhair as fearr airson an stèisein agad ach am bi a' chomhair as iomchaidh aig na slighean gus siubhal eadar na gnìomhachasan.
- Lorg tìr rèidh faisg air a' mhèinn ghuail is briog gus an stèisean a chur ann.
- Tog stèisean-rèile eile faisg air an stèisean-chumhachd.
Ceangail an dà stèisean
Feumaidh tu an t-slighe-iarainn eadar an dà stèisean a thogail a-nis.
- Briog air a' phutan Fèin-thogail rèile air a' bhàr-inneil Tog rathad-iarainn.
- Slaod ann an loidhne dhìreach on dàrna stèisean dhan stèisean eile gus an t-slighe a thogail.
- Cuir barrachd earrannan ris gus am bith thu air an dà stèisean a cheangal ('s urrainn dhut an t-slighe sa ghlacadh-sgrìn a thogail 's tu a' slaodadh an fhèin-thogail dà thuras – an dàrna turas airson na pàirt dìrich is an turas eile airson an stèisean cumhachd a ruigsinn).
Ma nì thu mearachd, 's urrainn dhut an inneal boma a chleachdadh gus pàirtean dhen t-slighe a thoirt air falbh.
Cuir trèana ris
feumaidh tu trèanaichean a cheannach a-nis, ach cha nochd iad air an t-slighe le draoidheachd – tha trèan-lann a dhìth ort.
- Briog air a' phutan Tog trèan-lann air a' bhàr-inneil Tog rathaid-iarainn. Nochdaidh uinneag ùr a bheir roghainn dhen chomhair agad.
- Tagh comhair is cuir an trèan-lann ach am fosgail i an comhair slighe-iarainn mar a chì thu sa ghlacadh-grìn. Thèid slighean a chur ris gu fèin-obrachail a cheanglas an trèan-lann agad ach an urrainn dha na trèanaichean agad a dhol a-steach is a' falbh.
- Briog air an trèan-lann air a h-ùr-thogail. Nochdaidh clàr-taice na trèan-lann is gheibh thu foir-shealladh air a h-uile trèana a tha a-staigh – chan eil gin an-dràsta.
- Tagh am putan Carbadan ùra aig bonn uinneag na trèan-lainn. Fosglaidh sgrìn eile a sheallas na h-uile carbad a tha ri làimh dhut aig an àm seo. Briog air einnsean air barr an liosta is an uairsin air Ceannaich carbad. Fosglaidh uinneag an trèana ùir.
- Sgrolaich sìos ann an liosta nan carbadan ùra is ceannaich sia trucaichean guail.
- Gabh mo leisgeul, bha mi airson còig a ràdh seach sia – feumaidh sinn tè a sguabadh às. Slaod truca sam bith dhan phutan seo: is leig aiste an uairsin – thèid ga ceannach is gheibh thu beagan airgid air a son.
Thoir sùil air Ceannach trèanaichean airson oideachaidh as mionaidiche.
Cuir òrduighean air an trèana
- Thoir òrduighean seachad airson an trèana san aon dòigh 's a rinn thu airson a' bhus san earrann roimhe.
- Tha roghainn no dhà a bharrachd ri làimh airson trèanaichean a chleachdas sinn. Ann an liosta nan òrduighean, briog air an ainm a tha air an stèisean aig a' mhèinn ghuail is briog air a' phutan Luchdaich a h-uile carago gu iomlan. Innsidh seo dhan trèana gun stad e aig an stèisean gus am bi e làn dhe ghual.
- Briog air a' phutan "Na stad" aig bonn uinneag an trèana gus an trèan a chur gu dol.
Meal do naidheachd – thog thu a' chiad rathad-iarainn agad! Nuair a bhios an trèana air an gual a luchdadh is a lìbhrigeadh, chì thu gun toir e barrachd prothaid dhut na bheir am bus.
Seo an seòrsa as simplidhe dhe rathad-iarainn sa gheama is chan urrainn ach aon trèana a shiubhal air (feuch is cuir barrachd dhiubh ris is mothaichidh tu nach dèan iad ach fuireach san trèan-lann). Nuair a bhios tu air cluich greiseag is air barrachd dhen oideachadh mu dheidhinn thrèanaichean a leughadh, ionnsaichidh tu mar a nì thu rathaidean-iarainn nas iom-fhillte a ghabhas ri iomadh trèana aig an aon àm.
Air adhart: Plèanaichean »