1. A' tòiseachadh | 2. Busaichean | 3. Trèanaichean | 4. Plèanaichean | 5. Earradh |
OpenTTD
Oideachadh bunasach:
- A' tòiseachadh
- Busaichean
- Rathaidean-iarainn
- Plèanaichean
- Earradh
Oideachadh adhartach air trèanaichean:
Oideachadh am broinn a' gheama:
Togail rathaidean-iarainn:
- Building tracks (en)
- Building stations
- Building depots (en)
- Placing signals
- Buying & selling trains
- Converting railways
Fàilte dhan oideachadh choitcheann air mar a chluicheas tu OpenTTD. Ionnsaichidh tu an-seo mar a thòisicheas tu geama ùr is mar a shuidhicheas tu slighean bus is trèana. Bheir seo mu 30 mionaidean. Ma tha taic a dhìth ort, cuir an luchag agad air barr putain is fuirich ort diog no dhà gus an nochd gliocas-sgrìn le mìneachadh air na nì am putan. Air a' chlàr-taice air an taobh deas, gheibh thu barrachd oideachaidh nas mionaidiche air feartan sònraichte a' geama is bu chòir dhut sùil a thoirt orra ma tha thu airson faighinn a-mach mu rud sònraichte.
A' tòiseachadh a' gheama
Am prìomh chlàr-taice aig OpenTTD |
Nuair a thòisicheas tu OpenTTD, nochdaidh am prìomh chlàr-taice.
- Briog air a' phutan Geama ùr. Fosglaidh seo sgrìn gus saoghal a ghintinn le grunn roghainnean na cois. Fàg iad mar a thà an-dràsta.
Roghainnean gus saoghal a ghintinn. Leis na ceithir dealbhan aig a' bharr, 's urrainn dhut a' ghnàth-shìde atharrachadh. San oideachadh seo, fàgaidh sinn na roghainnean mar a tha iad. |
- Briog air a' putan Gin am mapa mhòr uaine. Le sin, cruthaichidh an geama saoghal ùr as urrainn dhut cluich ann is tòisichidh an geama.
Taobh a-staigh a' gheama
Tha geama ùr air a thòiseachadh. |
Seo an sgrìn a chì thu an-còmhnaidh fhad 's a bhios tu a' cluich OpenTTD. Sa mheadhan, chì thu tìr uaine, 's dòcha le gnìomhachas is baile no coille no dhà mu thimcheall. Seo an saoghal air an toir thu dreach ùr leis na h-acainnean a th' agad: rathaidean, rathaidean-iarainn, puirt is puirt-adhair.
Air barr na sgrìn, chì thu bàr nan clàran-taice. Cùm an luchag agad os cionn putan fad dà dhiog - nochdaidh gliocas-sgrìn a dh'innseas dhut mu na nì am putan. Tha clàr-taice an cois cuid dhe na putanan. Thèid thu a-steach dha na roghainnean a tha aig clàr-taice nuair a chumas tu putan clì na luchaige sìos 's tu a' gluasad sìos air a' chlàr-taice is a' leigeil putan na luchaige nuair a ruigeas tu an roghainn a tha fainear dhut.